Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 22:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ma ghoideas duine damh no caora, agus gum marbh e e, no gun reic e e, dìolaidh e còig daimh airson an daimh, agus ceithir caoraich airson na caorach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Ma ghoideas duine damh no caora, agus gum marbh e e, no gun reic e e, dìolaidh e còig daimh airson an daimh, agus ceithir caoraich airson na caorach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 22:1
9 Iomraidhean Croise  

Agus dìolaidh e an t‑uan ceithir uairean, do bhrìgh gun do rinn e an nì seo, agus a chionn nach do chaomhain e.


No ma bha fhios gun do ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus nach do ghlèidh a shealbhadair a‑staigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh airson daimh, agus is leis fhèin am marbh.


Far nach bi daimh, bidh a’ phrasach glan; ach bidh fàs mòr le neart an daimh.


Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.


Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh-sgaoileadh.


Ma bheir an t‑aingidh air ais an geall, agus gun aisig e a‑rìs an nì a ghoid e, gun gluais e ann an reachdan na beatha, gun aingidheachd a chur an gnìomh; mairidh e gu deimhinn beò, chan fhaigh e bàs.


An sin aidichidh iad am peacadh a rinn iad: agus nì e co‑leasachadh airson a eucorach anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris, agus bheir e sin dhàsan air an do rinn e an eucoir.


Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan