Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 20:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus labhair Dia na briathran seo uile, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus labhair Dia na briathran seo uile, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 20:1
11 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig thu a‑nuas air sliabh Shinài, agus labhair thu riu o nèamh, agus thug thu dhaibh breitheanais chearta, agus laghannan fìrinn, reachdan agus àitheantan matha.


Agus chaidh Maois sìos a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus labhair e riu.


Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.


Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean-ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne:


Sibhse a fhuair an lagh le frithealadh nan aingeal, agus nach do choimhead e.


Agus sgrìobh e air na clàir, a rèir a’ chiad sgrìobhaidh, na deich àitheantan, a labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, ann an là a’ cho-chruinneachaidh: agus thug an Tighearna dhòmhsa iad.


An cuala sluagh sam bith guth Dhè a’ labhairt à meadhon an teine, mar a chuala tusa, agus an do mhair iad beò?


A nèamh thug e ort a ghuth a chluinntinn, a‑chum gun teagaisgeadh e thu; agus air talamh nochd e dhut a theine mòr, agus chuala tu a bhriathran à meadhon an teine.


Na briathran sin labhair an Tighearna ri ur coitheanal uile anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, an neòil agus an dubh-dhorchadais, le guth mòr; agus cha do chuir e tuilleadh ris: agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche, agus thug e dhòmhsa iad.


Aghaidh ri aghaidh labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine.


Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thusa à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan