Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 2:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus nuair a dh’fhosgail i e, chunnaic i an leanabh: agus, feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon seo de chloinn nan Eabhraidheach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus nuair a dh’fhosgail i e, chunnaic i an leanabh: agus, feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon seo de chloinn nan Eabhraidheach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 2:6
10 Iomraidhean Croise  

Agus maith dod shluagh a pheacaich ad aghaidh, agus an easaontais uile a rinn iad ad aghaidh, agus faigh truas dhaibh an làthair na muinntir a thug leo nam braighdean iad, a‑chum gun gabh iad truas riu:


A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille-cupain aig an rìgh.


Agus fhuair e truas dhaibh ann an sealladh na muinntir sin a thug leo nam braighdean iad.


Agus thug Phàraoh àithne da shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear, tilgidh sibh anns an abhainn; agus gach nighean gleidhidh sibh beò.


Agus thàinig nighean Phàraoh a‑nuas ga nighe fhèin anns an abhainn, agus bha a maighdeannan ag imeachd ri taobh na h‑aibhne; agus nuair a chunnaic i an cobhan am measg na cuilce, chuir i a banoglach ga thoirt da h‑ionnsaigh.


An sin thubhairt a phiuthar ri nighinn Phàraoh, An tèid mise, agus an gairm mi dhut banaltram de na mnathan Eabhraidheach, a‑chum is gun altraim i an leanabh dhut?


Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna: ge bè taobh as àill leis, tionndaidhidh e e.


A‑chum gun leigeadh gach duine da òglach, agus gach duine da bhanoglaich, Eabhrach no ban-Eabhrach, falbh saor, gun neach a ghabhail seirbhis dhiubh, gach aon a’ toirt saorsa do Iùdhach, a bhràthair.


Agus nuair a thilgeadh a‑mach e, thog nighean Phàraoh leatha e, agus dh’altraim i e mar mhac dhi fhèin.


Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan