Ecsodus 16:6 - Am Bìoball Gàidhlig 19926 Agus thubhairt Maois agus Aaron ri cloinn Israeil uile, Mu fheasgar, an sin bidh fhios agaibh gun tug an Tighearna a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19926 Agus thubhairt Maois agus Aaron ri cloinn Israeil uile, Mu fheasgar, an sin bidh fhios agaibh gun tug an Tighearna a‑mach sibh à tìr na h‑Èiphit. Faic an caibideil |
Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh-ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.
Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Eiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.