Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 16:4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus thèid an sluagh a‑mach, agus cruinnichidh iad cuibhreann gach là air an là sin fhèin, a‑chum is gun dearbh mi iad, co aca a ghluaiseas iad ann am lagh, no nach gluais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus thèid an sluagh a‑mach, agus cruinnichidh iad cuibhreann gach là air an là sin fhèin, a‑chum is gun dearbh mi iad, co aca a ghluaiseas iad ann am lagh, no nach gluais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 16:4
17 Iomraidhean Croise  

Oir b’i àithne an rìgh man timcheall gum biodh cuibhreann àraidh airson an luchd-seinn, a dhlighe fhèin air gach là.


Agus aran o nèamh thug thu dhaibh nan acras, agus uisge as a’ charraig thug thu a‑mach dhaibh nan tart: agus thubhairt thu riu dol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a mhionnaich thu gun tugadh tu dhaibh.


Agus do spiorad math thug thu seachad gu an teagasg, agus do mhana cha do chùm thu om beul, agus uisge thug thu dhaibh nan tart.


Dh’iarr iad, agus thug e dhaibh gearra-goirt, agus le aran nèimh shàsaich e iad.


Ged dh’àithn e do na neòil on àirde, agus ged dh’fhosgail e dorsan nan nèamh;


Agus dh’èigh esan ris an Tighearna, agus nochd an Tighearna fiodh dha, agus thilg e anns na h‑uisgeachan e, agus rinneadh na h‑uisgeachan milis: ann an sin rinn e lagh agus òrdagh dhaibh, agus ann an sin dhearbh e iad;


Agus nuair a chunnaic clann Israeil e, thubhairt iad gach aon ri chèile, Mana: oir cha robh fhios aca ciod e. Agus thubhairt Maois riu, Seo an t‑aran a thug an Tighearna dhuibh ra ithe.


Dìomhanas agus breugan cuir fada uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchaidh air mo shon.


Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil.


Thoir dhuinn o là gu là ar n‑aran làitheil.


Agus gun d’ith iad uile an t‑aon bhiadh spioradail;


A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;


Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.


Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan