Ecsodus 16:3 - Am Bìoball Gàidhlig 19923 Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19923 Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Èiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras. Faic an caibideil |
Ach nì sinn gu deimhinn gach uile nì a thig a‑mach as ar beul fhèin, a losgadh tùise do bhànrighinn nèimh, agus a thaomadh a‑mach thabhartas-dibhe dhi; amhail a rinn sinn, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, ar rìghrean, agus ar n‑uaislean, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim: oir an sin bha pailteas bìdh againn, agus shoirbhich leinn, agus chan fhaca sinn olc air bith.
Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.