Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 16:2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus rinn coitheanal chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus Aaroin anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus rinn coitheanal chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus Aaroin anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 16:2
10 Iomraidhean Croise  

Ach mun deachaidh iad a laighe chuartaich daoine a’ bhaile an taigh, eadhon daoine Shòdoim, araon sean agus òg, an sluagh uile o gach ceàrn;


Gu luath dhìochuimhnich iad a ghnìomharan; cha d’fheith iad ra chomhairle.


Agus rinn iad gearan nam bùthan, agus cha d’èisd iad ri guth an Tighearna.


Cha do thuig ar n‑athraichean d’iongantasan anns an Eiphit; cha do thuig iad lìonmhorachd do thròcairean, ach bhrosnaich iad thu làimh ris a’ mhuir, aig a’ mhuir ruaidh.


Agus thubhairt iad ri Maois. An ann a chionn nach robh uaighean anns an Eiphit, a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Carson a rinn thu seo oirnn, ar tabhairt a‑mach as an Eiphit?


Agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, ag ràdh, Ciod a dh’òlas sinn?


Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Eiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart?


Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.


Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;


Agus na dèanabh-se gearan, mar a rinn cuid dhiubhsan gearan, agus a sgriosadh iad leis an sgriosadair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan