Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 15:9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 15:9
15 Iomraidhean Croise  

Nì Beniàmin fiadhach mar mhadadh-allaidh: anns a’ mhadainn ithidh e a’ chobhartach, agus anns an fheasgar roinnidh e a’ chreach.


Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra; agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh.


Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam-sa mar anam aoin dhiùbhsan.


Agus chuir Ben-hadad fios da ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mas leòr duslach Shamaria gu làn an dòrn don t‑sluagh uile a tha gam leantainn-sa.


Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Eiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis?


Is fheàrr a bhith de spiorad iriosal maille riùsan a tha ciùin, na a’ chreach a roinn maille ris na h‑uaibhrich.


Cò am measg uile dhiathan nan dùthchannan seo a theasairg an tìr fhèin as mo làimh-sa, gun teasairgeadh an Tighearna Ierusalem as mo làimh?


Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.


Dh’èigh iad an sin, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, chuir ioma-luasgadh bacadh air a’ choinneamh a shuidhicheadh.


Bhuail thu led shlait ceann a bhailtean. Ruith iad a‑mach mar chuairt-ghaoith gu ar sgapadh; bha an gàirdeachas mar gun sluigeadh iad am bochd gu h‑uaigneach.


Ach nuair a thig duine as treasa na e, agus a bheir e buaidh air, bheir e uaithe a armachd uile anns an robh a dhòigh, agus roinnidh e a’ chreach.


Nach d’fhuair iad, nach eil iad a’ roinn na creiche? Maighdeann no dhà do gach fear? Creach iomadh-dathach do Shisera, creach iomadh-dathach de obair snàthaide, iomadh-dathach de obair snàthaide air gach taobh, airson muinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach?


Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan