Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 15:11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 15:11
51 Iomraidhean Croise  

Uime sin tha thu mòr, a Thighearna Dhè: oir chan eil neach ann cosmhail riut, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.


Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa, anns na nèamhan shuas, no air an talamh a‑bhos, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:


Oir is mòr an Tighearna, agus ro‑airidh air cliù: agus is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan:


Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia-ne os cionn nan uile dhiathan.


Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa anns na nèamhan, no air an talamh, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich, a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:


Cò as cosmhail ris an Tighearna ar Dia, a tha na chòmhnaidh shuas,


Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.


Dhàsan na aonar a nì iongantasan mòra, oir gu bràth mairidh a thròcair;


Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.


Sibhse air a bheil eagal Dhè, molaibh e; sibhse uile de shìol Iàcoib, thugaibh glòir dha; agus biodh a eagal-san oirbh, sibhse uile de shìol Israeil.


Their mo chnàmhan uile, A Thighearna, cò as cosmhail riutsa, a theasairgeas am bochd uaithesan as treasa na e, agus am bochd agus an t‑ainnis uaithesan a chreachadh e.


Chuir thu an talamh air chrith; bhris thu e; slànaich a bhriseadh, oir tha e air a luasgadh.


Thigibh agus faicibh obraichean Dhè; uamhasach tha e na ghnìomharan air cloinn nan daoine.


Cuimhnichidh mi obraichean an Tighearna; gu deimhinn, cuimhnichidh mi d’iongantasan on aimsir chèin;


Is tusa an Dia a tha a’ dèanamh nithean iongantach; thaisbein thu am measg nan sluagh do neart.


Anns an fhairge bha do shlighe, agus do cheuman anns na h‑uisgeachan mòra; agus cha d’aithnicheadh luirg do chas.


Oir is mòr thusa, agus tha thu a’ dèanamh nithean iongantach; is tusa Dia, thu fhèin a‑mhàin.


Chan eil do shamhail-sa am measg nan diathan, a Thighearna, agus chan eil obraichean ann cosmhail rid obraichean-sa.


Oir is e an Tighearna ar sgiath, agus Aon naomh Israeil ar Rìgh.


Cò don aithne neart d’fheirge, agus, a rèir d’eagail, do chorraich?


A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn.


Na biodh diathan sam bith eile agad am làthair-sa.


Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Eiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd.


Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia.


Agus shìn Aaron a‑mach a làmh os cionn uisgeachan na h‑Eiphit; agus chaidh na losgannan suas, agus chòmhdaich iad talamh na h‑Eiphit.


Oir air an àm seo cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail riumsa anns an talamh uile.


Claonaibh air falbh on t‑slighe; rachaibh a lethtaobh on rathad dhìreach; cuiribh air falbh uainn Tì naomh Israeil.


Cò ris, mas eadh, a shamhlaicheas sibh Dia? Agus ciod an coslas a nì sibh dha?


Cò ris, ma ta, a shamhlaicheas sibh mise, no a choimeasar mi? deir an Tì naomh.


Cuimhnichibh na ciad nithean, a bha ann o shean; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann; is mise Dia agus chan eil mo shamhail ann;


Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.


Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh; tha an talamh uile làn de a ghlòir.


Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib; oir is esan fear-cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is ainm dha.


Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?


Labhair ri coitheanal chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomh: oir tha mise an Tighearna ur Dia naomh.


Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.


Ach nochdaidh mi dhuibh cò e ron còir dhuibh eagal a bhith oirbh: Biodh eagal an Tì ud oirbh aig a bheil cumhachd, an dèidh neach a mharbhadh, a thilgeadh do ifrinn; seadh, tha mi ag ràdh ribh, Biodh eagal an Tì seo oirbh.


An Tighearna ur Dia, a tha a’ dol romhaibh, cogaidh esan air ur son, a rèir nan uile nithean a rinn e air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl,


O Thighearna Dhè, thòisich thu air do mhòrachd agus do làmh chumhachdach a nochdadh dod òglach: oir cò an dia air nèamh no air talamh as urrainn a dhèanamh a rèir d’obrach-sa, agus a rèir do chumhachd-sa?


Chan eil neach cosmhail ri Dia Iesuruin, a tha a’ marcachd air nèamh ad chòmhnadh, agus na mhòrachd air na speuran.


No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl?


Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?


Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.


Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.


Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan