Ecsodus 13:3 - Am Bìoball Gàidhlig 19923 Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19923 Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Èiphit, a taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte. Faic an caibideil |
Agus cuirear am fàidh sin, no am fear sin a chì aisling, gu bàs; a chionn gun do labhair e a‑chum sibhse a chur air seachran on Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, agus a dh’fhuasgail sibh à taigh na daorsa, a‑chum d’iomain a‑mach as an t‑slighe anns an d’àithn an Tighearna do Dhia dhut imeachd; mar sin cuiridh tu air falbh an t‑olc as do mheadhon.
No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl?