Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 12:7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus gabhaidh iad den fhuil, agus cuiridh iad i air an dà ursainn, agus air àrd-doras nan taighean, anns an ith iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus gabhaidh iad den fhuil, agus cuiridh iad i air an dà ursainn, agus air àrd‐doras nan taighean, anns an ith iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 12:7
12 Iomraidhean Croise  

Agus do dhoras a’ ghuth-àit rinn e còmhlachan de chrann-ola: bha an t‑àrd-dhoras agus na h‑ursainnean còig-oisneach.


Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Eiphit.


Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.


Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;


Agus sgrìobhaidh tu iad air ursainnean doras do thaighe, agus air do gheatachan:


Oir le aon ìobairt rinn e a‑chaoidh foirfe iadsan a tha air an naomhachadh.


Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?


Tre chreideamh ghlèidh e a’ chàisg, agus an dòrtadh fala, a‑chum nach beanadh an tì a sgrios na ciad-ghin riùsan.


Agus is beag nach eil na h‑uile nithean air an glanadh le fuil a rèir an lagha; agus as eugmhais dòrtadh fala chan eil maitheanas ra fhaotainn.


A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan