Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 12:10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus chan fhàg sibh a’ bheag dheth gu madainn: agus na dh’fhàgar dheth gu madainn, loisgidh sibh le teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus chan fhàg sibh a’ bheag dheth gu madainn: agus na dh’fhàgar dheth gu madainn, loisgidh sibh le teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 12:10
9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Maois riu, Na fàgadh duine sam bith dheth gu madainn.


Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt-sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn.


Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh.


Chan ìobair thu fuil m’ìobairt-sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge.


Anns an là sin fhèin anns an ìobair sibh i ithear i, agus air an là màireach: agus ma mhaireas a’ bheag dhith gus an treas là, loisgear anns an teine e;


Air an là sin fhèin ithear suas i, chan fhàg sibh a’ bheag dhith gu madainn: Is mise an Tighearna.


Chan fhàg iad a’ bheag dhith gu madainn, cha mhò a bhriseas iad cnàimh dhith: a rèir uile òrdaighean na càisge cumaidh iad i.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan