Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 11:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus bidh èigheach mhòr ann an tìr na h‑Eiphit uile, nach robh riamh a leithid ann, cha mhò a bhitheas a leithid ann tuilleadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus bidh èigheach mhòr ann an tìr na h‑Èiphit uile, nach robh riamh a leithid ann, cha mhò a bhitheas a leithid ann tuilleadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 11:6
15 Iomraidhean Croise  

Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Eiphitich agus Israel.


Agus dh’èirich Phàraoh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich uile, agus na h‑Eiphitich uile; agus bha èigheach mhòr anns an Eiphit: oir cha robh taigh anns nach robh neach marbh.


Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.


Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.


An tì a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e fhèin mar an ceudna, ach chan èisdear ris.


Oir chaidh an èigheach timcheall crìoch Mhòaib; ràinig a caoineadh gu Eglaim, agus a caoineadh gu Beer-elim.


Anns an là sin bidh an Eiphit cosmhail ri mnathan; agus bidh crith agus geilt oirre, ro chrathadh làmh Tighearna nan sluagh, a chrathas e os a cionn.


Mar seo deir an Tighearna, Chualas guth ann an Ramah, caoidh, gul ro‑ghoirt; Rachel a’ gul airson a cloinne; dhiùlt i comhfhurtachd airson a cloinne, a chionn nach eil iad ann.


Mar an ceudna, an tràth a ghlaodhas agus a dh’èigheas mi, tha e a’ druideadh a‑mach m’ùrnaigh.


Agus anns a h‑uile fhìonlios bidh caoineadh: oir gabhaidh mise tro do mheadhon, deir an Tighearna.


Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic.


An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan