Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 10:9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 10:9
19 Iomraidhean Croise  

Agus teaghlach Iòseiph uile, agus a bhràithrean, agus teaghlach a athar: a‑mhàin dh’fhàg iad an clann bheag agus an caoraich agus am buar ann an tìr Ghòsein.


Agus thubhairt e riu, Gu robh an Tighearna mar sin maille ribh, mar a leigeas mise leibh fhèin agus le ur cloinn bhig imeachd: amhaircibh, oir tha olc romhaibh.


Agus, mar an ceudna, thèid ar sprèidh maille rinn; chan fhàgar ionga nar dèidh, oir is èiginn dhuinn gabhail dhiubh gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna ar Dia; agus chan eil fhios againn cia leis a nì sinn seirbhis don Tighearna, gus an tig sinn an sin.


Thugaibh leibh mar an ceudna ur treudan, agus ur buar, mar a thubhairt sibh, agus imichibh: agus beannaichibh mise mar an ceudna.


Agus dh’imich clann Israeil o Rameses gu Sucot, mu thimcheall sia ceud mìle fear dan cois, a thuilleadh air cloinn.


Agus mar an ceudna chaidh iomadaidh de shluagh eile suas maille riu, agus treudan, agus buar, ro‑mhòran sprèidhe.


Seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, agus air an t‑seachdamh là bidh fèill don Tighearna.


Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.


Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.


Agus thubhairt iad, Dh’fhoillsich Dia nan Eabhraidheach e fhèin dhuinne: leig leinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia, air eagal gum buail e sinn le plàigh, no leis a’ chlaidheamh.


Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis:


Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta:


Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh; agus gleidhidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean.


Agus athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge: ach togaibh iad ann an oilean agus ann an teagasg an Tighearna.


Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan