Ecsodus 10:3 - Am Bìoball Gàidhlig 19923 Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh: Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19923 Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair‐sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh: Faic an caibideil |
A chionn gu robh do chridhe tiom, agus gun d’irislich thu thu fhèin an làthair an Tighearna, nuair a chuala tu ciod a labhair mise an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, gum biodh iad nam fàsach, agus nam mallachadh, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am fhianais; chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.
A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.
Gairmibh sluagh lìonmhor an aghaidh Bhàbiloin; sibhse uile a tha a’ lùbadh a’ bhogha, cuartaichibh le feachd i air gach làimh; na rachadh cuid air bith dhith as; dìolaibh rithe a rèir a h‑obrach, a rèir gach nì a rinn i, dèanaibh rithe; a chionn gun do rinn i gu h‑uaibhreach an aghaidh an Tighearna, an aghaidh Tì naomh Israeil.