Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 1:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 A‑nis dh’èirich rìgh ùr air an Eiphit, do nach b’aithne Iòseph.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 A‑nis dh’èirich rìgh ùr air an Èiphit, do nach b’aithne Iòseph.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 1:8
10 Iomraidhean Croise  

Dh’iompaich e an cridhe gu fuath a thoirt da shluagh, agus gu buntainn gu cealgach ra sheirbhisich.


Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Eiphit:


Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.


A‑nis uime sin, feuch, tha glaodh chloinn Israeil air teachd am ionnsaigh-sa; agus mar an ceudna chunnaic mi am foir-èiginn leis a bheil na h‑Eiphitich gam foir-èigneadh.


Agus fhuaireadh innte duine bochd glic, agus theasairg e a’ chathair le a ghliocas; ach cha do chuimhnich neach air bith air an duine bhochd sin.


Gus an d’èirich rìgh eile, do nach b’aithne Iòseph.


Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach a‑chum nach sìolaicheadh iad.


Agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinn, agus shàraich iad sinn, agus chuir iad daorsa chruaidh oirnn:


Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile a‑chum an athraichean: agus dh’èirich ginealach eile suas nan dèidh, do nach b’aithne an Tighearna, no na h‑obraichean a rinn e airson Israeil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan