Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 1:20 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Uime sin, bhuin Dia gu math ris na mnathan-glùine: agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dh’fhàs iad ro‑chumhachdach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Uime sin, bhuin Dia gu math ris na mnathan‐glùine: agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dh’fhàs iad ro‑chumhachdach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 1:20
17 Iomraidhean Croise  

Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e.


Thug e lòn dhaibhsan don eagal e; cuimhnichidh e gu bràth a choicheangal.


Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.


Oir chuala tusa, a Dhè, mo bhòidean; thug thu oighreachd dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme.


Gu dearbh tha a shlàinte dlùth dhaibhsan don eagal e; a‑chum gun còmhnaich glòir nar tìr.


Ach mar as mò a shàraich iad iad, is ann as mò a rinneadh iadsan lìonmhor agus a dh’fhàs iad. Agus bha iad fo dhoilgheas airson chloinn Israeil.


Agus thubhairt na mnathan-glùine ri Phàraoh, A chionn nach eil na mnathan Eabhraidheach mar na mnathan Eiphiteach: oir tha iad fhèin beothail, agus air an asaid mun tig na mnathan-glùine a‑steach dan ionnsaigh.


Agus bha clann Israeil sìolmhor, agus dh’fhàs iad gu mòr, agus rinneadh lìonmhor iad, agus chinn iad ro‑chumhachdach; agus lìonadh an tìr leo.


Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach.


An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs.


Ged nì peacach olc ceud uair, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè, air am bi eagal na làthair.


Abraibh ris an ionracan gur math a dh’èireas dha; oir toradh an gnìomharan ithidh iad.


Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.


Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.


Agus tha a thròcair-san o linn gu linn, don dream don eagal e.


Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan