Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 1:17 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Ach bha eagal Dhè air na mnathan-glùine, agus cha do rinn iad mar a dh’àithn rìgh na h‑Eiphit dhaibh, ach ghlèidh iad a’ chlann-mhac beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Ach bha eagal Dhè air na mnathan‐glùine, agus cha do rinn iad mar a dh’àithn rìgh na h‑Èiphit dhaibh, ach ghlèidh iad a’ chlann‐mhac beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 1:17
22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.


Agus thubhairt Iòseph riu air an treas là, Dèanaibh seo, agus bithibh beò: oir tha eagal Dhè ormsa:


Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib, agus an aghaidh ceannardan an t‑slòigh, agus chaidh Ioab agus ceannardan an t‑slòigh a‑mach à fianais an rìgh, a ghabhail àireamh sluagh Israeil.


Ach bha na ciad uachdarain a bha romham trom air an t‑sluagh, agus ghabh iad uapa aran agus fìon, a thuilleadh air dà‑fhichead secel airgid; rinn eadhon an òglaich aintighearnas air an t‑sluagh: ach cha do rinn mise mar sin air eagal Dhè.


Agus thubhairt seirbhisich an rìgh, a bha ann an geata an rìgh, ri Mordecai, Carson a tha thu a’ briseadh àithne an rìgh?


Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine!


Agus ghairm rìgh na h‑Eiphit air na mnathan-glùine, agus thubhairt e riu, Carson a rinn sibh an nì seo, agus a ghlèidh sibh a’ chlann-mhac beò?


Agus a chionn gu robh eagal Dhè air na mnathan-glùine, rinn e taighean dhaibh.


Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc.


Is e eagal an Tighearna an t‑olc fhuathachadh; uabhar, agus àrdan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam.


Cluinneamaid brìgh na chaidh a ràdh uile: Biodh eagal Dhè ort, agus glèidh a àitheantan; oir is e seo dleasdanas iomlan an duine.


Ged nì peacach olc ceud uair, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè, air am bi eagal na làthair.


An sin fhreagair iadsan, agus thubhairt iad ann an làthair an rìgh, Daniel sin a tha de chloinn bruid Iùdah, chan eil suim aige dhìotsa, O rìgh, no den reachd a sheulaich thu, ach tha e ri athchuinge trì uairean anns an là.


Tha Ephraim sàraichte, briste ann am breitheanas; a chionn gun do ghluais e gu toileach an dèidh na h‑àithne.


Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn-sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd-àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh-sa.


Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.


Ach nochdaidh mi dhuibh cò e ron còir dhuibh eagal a bhith oirbh: Biodh eagal an Tì ud oirbh aig a bheil cumhachd, an dèidh neach a mharbhadh, a thilgeadh do ifrinn; seadh, tha mi ag ràdh ribh, Biodh eagal an Tì seo oirbh.


An sin fhreagair Peadar agus na h‑abstoil eile, agus thubhairt iad, Is còir gèill a thoirt do Dhia nas mò na do dhaoine.


Agus thubhairt an rìgh ris na gillean-ruith a sheas làimh ris, Tionndaidhibh agus marbhaibh sagartan an Tighearna; a chionn gu bheil mar an ceudna an làmh-san maille ri Daibhidh, agus a chionn gu robh fhios aca gun do theich e, agus nach do chuir iad an cèill dhòmhsa e. Ach cha b’àill le seirbhisich an rìgh an làmh a shìneadh a‑mach gu bualadh air sagartan an Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan