Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 1:11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Uime sin chuir iad maighistirean-obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean-ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Uime sin chuir iad maighistirean‐obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean‐ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 1:11
21 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna;


Agus shuidhich Iòseph a athair, agus a bhràithrean, agus thug e dhaibh sealbh ann an tìr na h‑Eiphit, anns a’ chuid as fheàrr den fhearann, ann am fearann Rameseis, mar a dh’àithn Phàraoh.


Agus na h‑uile bhailtean ionmhais a bha aig Solamh, agus bailtean a charbad, agus bailtean a mharc-shluaigh, agus miann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an tìr a thighearnais uile.


Agus dh’èisd Benhadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailt a bha aige an aghaidh bailtean Israeil; agus bhuail iad Ion, agus Dan, agus Abel-maim, agus uile bhailtean-ionmhais Naphtali.


Agus thog e Tadmor anns an fhàsach, agus na bailtean-ionmhais uile a thog e ann an Hamat.


Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, o rìoghachd gu sluagh eile,


Is minig a chràidh iad mi om òige, abradh Israel a‑nis;


Is minig a chràidh iad mi om òige; gidheadh cha tug iad buaidh orm.


Ged laigh sibh am measg choireachan, bidh sibh mar sgiathan calamain air an còmhdach le airgead, agus a iteagan le òr buidhe.


On eallaich thug mi as a ghualainn; o na poitean shaoradh a làmhan.


Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.


Agus thàrladh anns na làithean sin, nuair a dh’fhàs Maois suas, gun deachaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus gun d’amhairc e air an eallaichean: agus chunnaic e Eiphiteach a’ bualadh Eabhraidhich, aon de a bhràithrean.


Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.


Agus chaidh maighistirean-obrach an t‑sluaigh a‑mach, agus an luchd-riaghlaidh, agus labhair iad ris an t‑sluagh, ag ràdh, Mar seo tha Phàraoh ag ràdh, Cha toir mi dhuibh connlach.


An sin thàinig luchd-riaghlaidh chloinn Israeil, agus ghlaodh iad ri Phàraoh, ag ràdh, Carson a bhuineas tu air an dòigh seo rid sheirbhisich?


Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan-creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.


Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù?


Mar a chaidh ar n‑athraichean sìos don Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnaidh anns an Eiphit aimsir fhada; agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinne, agus ri ar n‑athraichean.


Agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinn, agus shàraich iad sinn, agus chuir iad daorsa chruaidh oirnn:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan