Ecsodus 1:10 - Am Bìoball Gàidhlig 199210 Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean-ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199210 Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean‐ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr. Faic an caibideil |
Thig a‑nis uime sin, guidheam ort, mallaich dhòmhsa an sluagh seo, oir tha iad tuilleadh is cumhachdach air mo shon: theagamh gur urrainn mi am bualadh, agus gum fuadaich mi iad a‑mach as an dùthaich; oir tha fhios agam gu bheil esan a bheannaicheas tusa beannaichte, agus esan a mhallaicheas tu mallaichte.
Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin?