2 Samuel 1:14 - Am Bìoball Gàidhlig 199214 Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnas nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a‑mach a mharbhadh aon ungte an Tighearna? Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199214 Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnas nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a‑mach a mharbhadh aon ungte an Tighearna? Faic an caibideil |
Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.
Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh.
An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear-iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air.