Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 9:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Gidheadh cha do chreid mi am briathran gus an tàinig mi, agus gum faca mo shùilean; agus, feuch, cha d’innseadh dhomh leth meud do ghliocais: chaidh thu thar an iomradh a chuala mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Gidheadh cha do chreid mi am briathran gus an tàinig mi, agus gum faca mo shùilean; agus, feuch, cha d’innseadh dhomh leth meud do ghliocais: chaidh thu thar an iomradh a chuala mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 9:6
11 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, cha do chreid mi na briathran gus an tàinig mi agus gum faca mo shùilean fhèin e; agus, feuch, cha d’innseadh a leth dhomh: chaidh do ghliocas agus do shoirbheachadh thar an iomraidh a chuala mi.


Agus bha e glic thar gach duine, thar Etan an t‑Esrahach, thar Heman, agus Chalcol, agus Darda, mic Mhahoil: agus bha a chliù anns gach dùthaich mun cuairt.


Agus thàinig cuid de na h‑uile chinnich a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh, o uile rìghrean na talmhainn, a chuala iomradh a ghliocais.


Agus thubhairt i ris an rìgh, B’fhìor an t‑iomradh a chuala mi ann am thìr fhèin air do ghnìomharan, agus air do ghliocas:


Is sona do dhaoine, agus is sona iad seo do sheirbhisich, a sheasas ad fhianais an còmhnaidh, agus a chluinneas do ghliocas.


Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine!


Oir cia mòr an soirbheachadh, agus cia mòr am maise! Nì an t‑arbhar na h‑òganaich, agus am fìon-nuadh na h‑òighean, subhach.


Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.


A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan