Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 8:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus chaidh Solamh gu Hamat-sobah, agus thug e buaidh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus chaidh Solamh gu Hamat‐sobah, agus thug e buaidh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 8:3
9 Iomraidhean Croise  

Bhuail Daibhidh mar an ceudna Hadadeser mac Rehoib, rìgh Shobah, nuair a chaidh e a chosnadh a chrìche air a h‑ais aig abhainn Euphràtes.


Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine, mar a chog e, agus mar a dh’aisig e Damascas, agus Hamat, a bu le Iùdah, do Israel, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?


Càit a bheil rìgh Hamait, agus rìgh Arpaid, agus rìgh mòr-bhaile Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah?


Agus bhuail Daibhidh Hadareser rìgh Shobah gu ruig Hamat, nuair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais aig abhainn Euphràtes.


Na bailtean a thug Huram do Sholamh, gun do thog Solamh iad, agus thug e air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail an sin.


Agus thog e Tadmor anns an fhàsach, agus na bailtean-ionmhais uile a thog e ann an Hamat.


Mar sin chaidh iad suas, agus rannsaich iad am fearann o fhàsach Shin gu Rehob, mar a thèid daoine gu Hamat.


O shliabh Hor comharraichidh sibh ur crìoch gu dol a‑steach Hamait; agus bidh dol a‑mach na crìche gu Sedad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan