Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 7:9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus air an ochdamh là chùm iad àrd-choitheanal; oir chùm iad coisrigeadh na h‑altarach seachd làithean, agus an fhèill seachd làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus air an ochdamh là chùm iad àrd‐choitheanal; oir chùm iad coisrigeadh na h‑altarach seachd làithean, agus an fhèill seachd làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 7:9
10 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh rìgh Solaimh, air an fhèill ann am mìos Etanim; is e sin an seachdamh mìos.


Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir-là‑deug.


Agus ghabh an coitheanal uile comhairle seachd làithean eile a chumail: agus chùm iad seachd làithean eile le aoibhneas.


Agus air an treas-là‑fichead den t‑seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh dam bùthan, aoibhinn agus subhach nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh.


Agus leugh e ann an leabhar lagh Dhè là an dèidh là, on chiad là gu ruig an là mu dheireadh: agus chùm iad an fhèill seachd làithean, agus air an ochdamh là, àrd-choitheanal a rèir a’ ghnàtha.


Seachd làithean nì thu rèite airson na h‑altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bidh i na h‑altair ro‑naomh: gach nì a bheanas ris an altair, naomhaichear e.


Naomhaichibh-se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd-àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna.


Seachd làithean bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: air an ochdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; is àrd-choitheanal e; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.


Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a‑chum coisrigeadh na h‑altarach, air an là anns an d’ungadh i: thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaibh na h‑altarach.


Sia làithean ithidh tu aran gun ghortachadh; agus air an t‑seachdamh là bidh àrd cho-chruinneachadh don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith air.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan