2 Eachdraidh 7:5 - Am Bìoball Gàidhlig 19925 Agus dh’ìobair rìgh Solamh mar ìobairt dà‑mhìle-fichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an rìgh agus an sluagh uile taigh Dhè. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19925 Agus dh’ìobair rìgh Solamh mar ìobairt dà‑mhìle‐fichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an rìgh agus an sluagh uile taigh Dhè. Faic an caibideil |
Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith-bhuain, agus airson ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd-fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel.
Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.
Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus tabhartasan-dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd-fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasan-sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.