2 Eachdraidh 5:2 - Am Bìoball Gàidhlig 19922 An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh, as e Sion. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19922 An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh, as e Sion. Faic an caibideil |
Agus sgrìobh Semaiah mac Netaneeil an sgrìobhaiche, duine de na Lèbhithich, iad, am fianais an rìgh, agus nan uachdaran, agus Shadoic an sagart, agus Ahimeleich mhic Abiatair, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach; aon phrìomh-thaigh air a ghabhail airson Eleàsair, agus aon air a ghabhail airson Itamair.
Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.
An sin bha na Lèbhithich, an luchd-seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon-aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean);