Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 32:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Leis‐san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 32:8
35 Iomraidhean Croise  

As an Tighearna, Dia Israeil, bha a earbsa: agus na dhèidh cha robh neach sam bith cosmhail ris am measg uile rìghrean Iùdah, no aon a bha roimhe.


Agus fhreagair esan, Na biodh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leòsan.


Oir thuit mòran sìos air am marbhadh, a chionn gu robh an cogadh o Dhia. Agus ghabh iad còmhnaidh nan àite gu ruig am braighdeanas.


Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.


Agus chaidh Asa a‑mach na aghaidh, agus chuir iad an cath an òrdagh ann an gleann Shephatah aig Maresah.


Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.


Agus anns an àm sin thàinig Hanani am fear-seallaidh gu Asa rìgh Iùdah, agus thubhairt e ris, A chionn gun d’earb thu à rìgh Shiria, agus nach d’earb thu as an Tighearna do Dhia, uime sin tha armailt rìgh Shiria air dol as od làimh.


Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia.


Cha bhi cath agaibh ra chur an seo; a‑mhàin thigibh an làthair, seasaibh, agus faicibh saorsa an Tighearna maille ribh, a Iùdah, agus a Ierusaleim: na biodh eagal no faitcheas oirbh; a‑màireach rachaibh a‑mach nan aghaidh, agus bidh an Tighearna maille ribh.


Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.


A‑nis, matà, na mealladh Heseciah sibh, agus na comhairlicheadh e sibh mar seo, agus na creidibh e; oir cha robh dia air bith cinnich no rìoghachd sam bith comasach air a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, agus à làimh m’athraichean; nach lugha gu mòr na sin as urrainn ur Dia-se ur saoradh as mo làimh?


A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?


Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à duine.


Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia.


Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.


Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.


Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.


Nì iomagain ann an cridhe duine a chromadh sìos; ach nì facal math sòlasach e.


Agus anns gach àite anns an siubhail an t‑slat shònraichte, a leagas an Tighearna air, bidh tiompan agus clàrsaichean; agus le cruaidh-chòmhraig cogaidh e leatha.


Oir is daoine na h‑Eiphitich, agus cha Dia iad; agus is feòil an eich, agus cha spiorad; nuair a shìneas an Tighearna a‑mach a làmh, tuitidh am fear-cuideachaidh, agus leagar sìos am fear a bha air a chòmhnadh leis; agus millear iad gu lèir le chèile.


Thugaibh an aire nach cuir Heseciah impidh oirbh, ag ràdh, Tèarnaidh an Tighearna sinn. An do theasairg diathan nan cinneach, gach aon a thìr fhèin, à làimh rìgh Asiria?


Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.


Cuiribh ur comhairle ri chèile, agus thig i gu neo-bhrìgh; labhraibh am facal, agus cha seas e; oir tha Dia leinne.


Mar seo deir an Tighearna, Is mallaichte an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, agus a nì feòil na gàirdean dha, agus aig a bheil cridhe a tha a’ claonadh air falbh on Tighearna:


Na biodh eagal rìgh Bhàbiloin oirbh, as a bheil sibh a’ gabhail eagail: na biodh eagal oirbh roimhe, deir an Tighearna; oir tha mise leibh gu ur tèarnadh, agus gu ur saoradh as a làimh.


An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.


Oir tha mise maille riut, agus cha toir duine sam bith ionnsaigh ort, a‑chum do chron a dhèanamh: oir tha mòr-shluagh agamsa anns a’ bhaile seo.


Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.


Agus their e riu, Eisd, O Israeil, tha sibh an‑diugh a’ dol gu cath an aghaidh ur naimhdean: na biodh ur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhann oirbh air an son;


Oir tha an Tighearna ur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air ur son an aghaidh ur naimhdean, a‑chum ur tèarnadh.


Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.


Gu robh an Tighearna Iosa Crìosd maille rid spiorad. Gràs maille ribh. Amen.


Agus na rìghrean sin uile, agus am fearann, ghlac Iosua a dh’aon tarraing, do bhrìgh gun do chog an Tighearna Dia Israeil airson Israeil.


A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.


An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach, Tha thusa a’ teachd am ionnsaigh-sa le claidheamh, agus le sleagh, agus le sgèith; ach tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa ann an ainm Tighearna nan sluagh, Dia armailtean Israeil, don tug thusa dùbhlan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan