Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 3:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 3:1
10 Iomraidhean Croise  

Agus thug Abrahàm Iehòbhah-Iireh mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là‑an‑diugh, Ann an sliabh an Tighearna chìthear e.


Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.


Agus nuair a chuir an t‑aingeal a‑mach làmh gu Ierusalem gu a sgrios, ghabh an Tighearna aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cùm a‑nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.


An sin dh’àithn aingeal an Tighearna do Ghad a ràdh ri Daibhidh, gun rachadh Daibhidh suas a thogail altarach don Tighearna ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.


Agus thubhairt Daibhidh, Is e seo taigh an Tighearna Dia, agus is i seo altair na h‑ìobairt-loisgte do Israel.


Agus ghin Iohanan Asariah (esan a bha a’ frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt anns an taigh a thog Solamh ann an Ierusalem),


Agus thòisich e air togail air an dara mìos, anns a’ cheathramh bliadhna de a rìoghachadh.


Ach thog Solamh taigh dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan