Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 28:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen-hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen‐hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 28:3
20 Iomraidhean Croise  

Ach dh’imich e ann an slighe rìghrean Israel, agus mar an ceudna thug e air a mhac dol tron teine, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.


Agus thruaill e Tophet a tha ann an gleann mac Hinnoim, a‑chum is nach faodadh duine air bith toirt air a mhac no air a nighinn dol tron teine do Mholech.


Ach rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.


Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.


Mar an ceudna pheacaich iadsan uile a b’àirde de na sagartan agus den t‑sluagh gu ro‑mhòr, a rèir uile ghràinealachdan nan cinneach, agus thruaill iad taigh an Tighearna, a naomhaich e ann an Ierusalem.


Agus bidh taighean Ierusaleim, agus taighean rìghrean Iùdah, amhail ionad Thophet, neòghlan; maille ris na taighean sin air fad, air mullach an do loisg iad tùis do uile fheachd nèimh, agus a dhòirt iad ìobairtean-dibhe a‑mach do dhiathan coimheach.


Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh-sgaoileadh.


Agus thog iad ionadan àrda Bhàail, a tha ann an gleann mac Hinoim, a thoirt air am mic agus air an nigheanan dol tron teine do Mholoch; nì nach d’àithn mise dhaibh, agus nach tàinig idir ann am aire; a’ cur an gnìomh na gràinealachd seo, gu cionta a thoirt air Iùdah.


Agus cha leig thu le neach air bith ded shliochd dol tron teine do Mholech, cha mhò a mhì-naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna.


Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad-ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama?


Cha dèan thusa mar sin ris an Tighearna do Dhia: oir gach gràinealachd don Tighearna as fuathach leis, rinn iadsan dan diathan; oir eadhon am mic agus an nigheanan loisg iad anns an teine dan diathan.


Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan,


Nuair a thig thu don fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut, chan fhòghlaim thu a dhèanamh a rèir gràinealachd nan cinneach sin.


Agus chaidh a’ chrìoch suas gu gleann mac Hinoim, gu taobh deas an Iebusaich; (is e sin Ierusalem:) agus chaidh a’ chrìoch suas gu mullach na beinne, a tha ro ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a tha aig ceann gleann nam famhairean ri tuath.


Agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim.


Agus thrèig iad an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàal agus do Astarot.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan