2 Eachdraidh 2:4 - Am Bìoball Gàidhlig 19924 Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith-bhuain, agus airson ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd-fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19924 Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith‐bhuain, agus airson ìobairtean‐loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd‐fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel. Faic an caibideil |
Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.
Airson an arain thaisbeanta, agus airson an tabhartas-bhìdh ghnàthaichte, agus airson ìobairt-loisgte ghnàthaichte nan sàbaid agus nan gealach nodha, airson nam fèill suidhichte, agus airson nan nithean naomha, agus airson nan ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite airson Israeil, agus airson uile obair taigh ar Dè.