2 Eachdraidh 19:3 - Am Bìoball Gàidhlig 19923 Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19923 Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè. Faic an caibideil |
Agus dh’iarr e Ahasiah; agus ghlac iad e, agus e am falach ann an Samaria: agus thug iad e a dh’ionnsaigh Iehu, agus mharbh iad e, agus dh’adhlaic iad e, a chionn, thubhairt iad, gur e mac Iehosaphait e, a dh’iarr an Tighearna le a uile chridhe. Agus cha robh e an comas do thaigh Ahasiah an rìoghachd a ghleidheadh na b’fhaide.
Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.