Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 11:8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus Gat, agus Maresah, agus Siph,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus Gat, agus Maresah, agus Siph,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 11:8
13 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailtean beaga à làimh nam Philisteach.


Agus Bet-sur, agus Socho, agus Adullam,


Agus Adoraim, agus Lachis, agus Asecah,


Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil.


Agus thàinig a‑mach nan aghaidh Serah an t‑Etiopach le armailt mìle de mhìltean, agus trì cheud carbad, agus thàinig e gu Maresah.


Ach rinn Elièser, mac Dhodabhah o Mharesah, fàistneachd an aghaidh Iehosaphait, ag ràdh, A chionn gun do rinn thu coicheangal ri Ahasiah, bhris an Tighearna d’obraichean. Agus bhriseadh na longan, agus cha b’urrainn iad dol gu Tarsis.


Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.


Air sgàth d’ainme, a Dhè, saor thusa mi, agus led chumhachd cùm cothrom rium.


Siph, agus Telem, agus Bealot,


Agus Ceilah, agus Achsib, agus Maresah: naoi bailtean mòra lem bailtean beaga.


Maon, Carmel, agus Siph, agus Iutah,


Agus dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach ann an daingnichean làidir, agus dh’fhan e ann an sliabh am fàsach Shiph: agus dh’iarr Saul e gach aon là, ach cha tug Dia thairis da làimh e.


An sin chaidh na Siphich suas a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne ann an daingnichean anns a’ choille, ann an sliabh Hachilah, a tha air an taobh deas de Iesimon?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan