Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 11:23 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile de a mhic uile air feadh uile thìr Iùdah agus Bheniàmin, anns na bailtean daingnichte uile; agus thug e dhaibh pailteas bìdh. Agus dh’iarr e mòran bhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile de a mhic uile air feadh uile thìr Iùdah agus Bheniàmin, anns na bailtean daingnichte uile; agus thug e dhaibh pailteas bìdh. Agus dh’iarr e mòran bhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 11:23
8 Iomraidhean Croise  

Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear.


Agus rinn Rehobòam na cheannard Abiah, mac Mhaacah, gu bhith na fhear-riaghlaidh am measg a bhràithrean; oir smaoinich e air a dhèanamh na rìgh.


Agus ghabh Rehobòam còmhnaidh ann an Ierusalem, agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah:


Agus nuair a dhaingnicheadh rìoghachd Rehobòaim, agus a dh’fhàs e cumhachdach, thrèig e lagh an Tighearna, agus Israel uile maille ris.


Agus thug an athair dhaibh iomadh tìodhlac airgid agus òir, agus nithean luachmhor, maille ri bailtean daingnichte ann an Iùdah: ach thug e an rìoghachd do Iehoram, a chionn gum b’e an ciad-ghin e.


Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan