Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 11:21 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus ghràdhaich Rehobòam Maachah, nighean Absaloim, os cionn a bhan agus a choileabach uile; oir ghabh e dha fhèin ochd-mnathan-deug, agus trì-fichead coileabach, agus ghin e ochd-mic-fhichead, agus trì-fichead nighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus ghràdhaich Rehobòam Maachah, nighean Absaloim, os cionn a bhan agus a choileabach uile; oir ghabh e dha fhèin ochd‐mnathan‐deug, agus trì‐fichead coileabach, agus ghin e ochd‐mic‐fhichead, agus trì‐fichead nighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 11:21
11 Iomraidhean Croise  

Agus a choileabach dom b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah.


Agus ghabh Daibhidh dha fhèin tuilleadh choileabach agus bhan à Ierusalem, an dèidh dha teachd à Hebron: agus rugadh fhathast mic agus nigheanan do Dhaibhidh.


Agus bha seachd ceud bean aige, mar bhànrighinnean, agus trì cheud coileabach: agus thug a mhnathan air a chridhe claonadh.


Trì bliadhna rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah nighean Abisaloim.


Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile de a mhic uile air feadh uile thìr Iùdah agus Bheniàmin, anns na bailtean daingnichte uile; agus thug e dhaibh pailteas bìdh. Agus dh’iarr e mòran bhan.


Cha mhò a chuireas e mnathan an lìonmhorachd dha fhèin, a‑chum nach claon a chridhe air falbh; cha mhò a mheudaicheas e gu mòr dha fhèin airgead agus òr.


An sin tàrlaidh, nuair a bheir e sealbh da mhic air an nì a tha aige, nach fhaod e ciad-ghin a dhèanamh de mhac na mnà gràdhaichte ro mhac na mnà fuathaichte, as e da‑rìribh an ciad-ghin:


Agus bha aig Gideon deichnear agus trì-fichead mac a thàinig o a leasraidh fhèin; oir bha mòran bhan aige.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan