Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 11:18 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Agus ghabh Rehobòam Mahalat nighean Ierimoit, mhic Dhaibhidh, dha fhèin, na mnaoi; Abihail mar an ceudna, nighean Eliaib, mhic Iese:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Agus ghabh Rehobòam Mahalat nighean Ierimoit, mhic Dhaibhidh, dha fhèin, na mnaoi; Abihail mar an ceudna, nighean Eliaib, mhic Iese:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 11:18
6 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Iese a chiad-ghin Eliab, agus Abinadab an dara mac, agus Sima an treas,


Ceannard Iùdah, Elihu aon de bhràithrean Dhaibhidh: ceannard Isachair, Omri mac Mhichaeil:


Agus rug ise dha clann; Ieus, agus Semariah, agus Saham.


Agus nuair a thàinig iad, dh’amhairc e air Eliab, agus thubhairt e, Gu cinnteach am fianais an Tighearna tha a aon ungte-san.


Agus dh’imich an triùir mhac a bu shine aig Iese, agus chaidh iad an dèidh Shauil a‑chum a’ chogaidh; agus b’iad ainmean a thriùir mhac a chaidh a dh’ionnsaigh a’ chogaidh, Eliab an ciad-ghin, agus na dhèidh-san Abinadab, agus an treas mac Samah.


Agus chuala Eliab, a bhràthair a bu shine, nuair a labhair e ris na daoine: agus las fearg Eliaib an aghaidh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Carson a thàinig thu a‑nuas an seo? Agus cò aige a dh’fhàg thu am beagan chaorach sin anns an fhàsach? Tha mi fiosrach air d’uabhar agus olcas do chridhe; oir is ann a dh’fhaicinn a’ chatha a thàinig thu a‑nuas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan