Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 11:13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus thàinig na sagartan agus na Lèbhithich, a bha ann an Israel uile, da ionnsaigh as an crìochan uile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus thàinig na sagartan agus na Lèbhithich, a bha ann an Israel uile, da ionnsaigh as an crìochan uile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 11:13
11 Iomraidhean Croise  

Ach a‑thaobh chloinn Israeil a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, rìghich Rehobòam os an cionn.


Agus chaidh Baasa rìgh Israeil suas an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah.


Agus thàinig duine o Bhàal-salisa, agus thug e a dh’ionnsaigh an duine le Dia aran den chiad toradh, fichead buileann eòrna, agus làn dhiasan arbhair na mhàla; agus thubhairt e, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad.


Agus anns gach baile fa leth chuir e sgiathan agus sleaghan, agus rinn e ro‑làidir iad; oir bha Iùdah agus Beniàmin aige air a thaobh.


(Oir dh’fhàg na Lèbhithich am fo‑bhailtean agus an sealbh, agus thàinig iad gu Iùdah agus gu Ierusalem; a chionn gun do chuir Ierobòam agus a mhic iad a fhrithealadh ann an dreuchd nan sagart don Tighearna.


Anns an t‑siathamh-bliadhna-deug ar fhichead de rìoghachadh Asa, thàinig Baasa rìgh Israeil a‑nìos an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah.


Agus chaidh iad mun cuairt ann an Iùdah, agus chruinnich iad na Lèbhithich a‑mach à uile bhailtean Iùdah, agus cinn athraichean Israeil, agus thàinig iad gu Ierusalem.


Agus chuir Heseciah fios gu Israel uile agus gu Iùdah, agus mar an ceudna sgrìobh e litrichean gu Ephraim agus gu Manaseh, iad a theachd gu taigh an Tighearna ann an Ierusalem, a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil.


Ach ma their sibh, Facal cudthromach an Tighearna: uime sin, mar seo deir an Tighearna, A chionn gu bheil sibh ag ràdh an fhacail seo, facal cudthromach an Tighearna, ged a chuir mise fios thugaibh, ag ràdh, Chan abair sibh facal cudthromach an Tighearna;


Thoir an aire dhut fhèin, nach trèig thu an Lèbhitheach am feadh as beò thu air d’fhearann.


Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg-ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh-ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan