Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 1:14 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc-shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mhìle-dheug marcaiche; agus chuir e iad ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc‐shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mhìle‐dheug marcaiche; agus chuir e iad ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 1:14
8 Iomraidhean Croise  

Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte: sia ceud secel òir chuir e a‑chum gach sgèithe.


Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mìle-dheug marcaiche.


A‑nis uime sin, àithn thusa gun geàrr iad dhòmhsa craobhan seudair à Lebanon; agus bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa: agus tuarasdal do sheirbhiseach bheir mise dhut, a rèir gach nì a dh’ainmicheas tu: oir tha fhios agad nach eil nar measg-ne duine don aithne fiodh a ghearradh mar na Sìdonaich.


Agus na h‑uile bhailtean ionmhais a bha aig Solamh, agus bailtean a charbad, agus bailtean a mharc-shluaigh, agus miann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an tìr a thighearnais uile.


Agus Bàalat, agus na h‑uile bhailtean-ionmhais a bha aig Solamh, agus uile bhailtean nan carbad, agus bailtean a’ mharc-shluaigh, agus uile mhiann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an uile thìr a thighearnais.


Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mhìle-dheug marcaiche, a chuir e a‑mach ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.


Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan