Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 6:16 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Mic Lèbhi: Gersom, Cohat, agus Merari.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Mic Lèbhi: Gersom, Cohat, agus Merari.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 6:16
10 Iomraidhean Croise  

Agus mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.


Agus labhair Daibhidh ri uachdarain nan Lèbhitheach, am bràithrean òrdachadh a bhith nan luchd-ciùil le innealan-ciùil, saltairean, agus clàrsaichean, agus ciombalan, a’ dèanamh fuaim, a’ togail suas a’ ghutha le aoibhneas.


Agus chruinnich Daibhidh mic Aaroin agus na Lèbhithich:


Agus thug iad a‑steach àirc Dhè, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth am fianais Dhè.


Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a rèir an seirbhis:


Mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.


Agus chaidh Iehosadac am braighdeanas, nuair a thug an Tighearna air falbh Iùdah agus Ierusalem le làimh Nebuchadnesair.


Agus is iad seo ainmean mic Ghersoim, Libni agus Simei.


Agus is iad seo ainmean mic Lèbhi, a rèir an ginealaichean: Gerson, agus Cohat, agus Merari: agus b’iad bliadhnachan beatha Lèbhi ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.


Agus is iad seo iadsan a dh’àirmheadh de na Lèbhithich, a rèir an teaghlaichean: o Gherson, teaghlach nan Gersonach: o Chohat, teaghlach nan Cohatach: o Mherari, teaghlach nam Meraritheach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan