Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 27:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis bha clann Israeil, a rèir an àireimh, eadhon cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus an luchd-riaghlaidh, a’ frithealadh don rìgh anns gach cùis a bhuineadh do na roinnean, a bha a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach mìos air mhìos air feadh uile mhìosan na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir-mìle-fichead fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 A‑nis bha clann Israeil, a rèir an àireimh, eadhon cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus an luchd‐riaghlaidh, a’ frithealadh don rìgh anns gach cùis a bhuineadh do na roinnean, a bha a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach mìos air mhìos air feadh uile mhìosan na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir‐mìle‐fichead fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 27:1
18 Iomraidhean Croise  

Is iad seo ainmean nan daoine treuna a bha aig Daibhidh: Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir; thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm.


Agus bheathaich an luchd-dreuchd sin rìgh Solamh, agus gach neach a thàinig gu bòrd rìgh Solamh, gach duine na mhìos fhèin: cha d’fhuiling iad nì air bith a bhith a dh’easbhaidh.


Agus bha aig Solamh dà‑fhear-dheug de luchd-dreuchd os cionn Israeil uile, a bheathaich an rìgh agus a theaghlach: rè a mhìosa fhèin anns a’ bhliadhna bha e mar fhiachan air gach fear dhiubh a bheathachadh.


Agus chuir e iad do Lebanon, deich mìle anns a’ mhìos mu seach: mìos bha iad ann an Lebanon, agus dà mhìos nan taighean fhèin: agus bha Adoniram air ceann na togail.


Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil.


Agus chuir Daibhidh a chomhairle riùsan a bha os cionn mhìltean agus cheud, ris gach uile cheannard.


Agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, dà mhìle agus seachd ceud, cinn nan teaghlach: agus rinn Daibhidh iad nan luchd-riaghlaidh os cionn nan Reubeneach, agus nan Gadach, agus leth-threubh Mhanaseh, anns gach nì a bhuineadh do Dhia, agus ann an gnothaichean an rìgh.


Os cionn na ciad roinne, fa chomhair a’ chiad mhìos, bha Iasobeam mac Shabdieil: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.


Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.


An sin thug cinn nan athraichean agus uachdarain treubhan Israeil, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, maille ris an luchd-riaghlaidh os cionn obair an rìgh, tabhartasan uapa gu toileach,


Agus dh’àithn Solamh do Israel uile, do na ceannardan mhìltean agus cheud, agus do na britheamhan, agus do gach uachdaran air Israel uile, cinn nan athraichean.


Agus thagh Maois daoine foghainteach a‑mach a Israel uile, agus rinn e iad nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.


Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.


Agus ghabh mi cinn ur treubhan, daoine glice agus aithnichte, agus rinn mi iad nan ceannardan oirbh, nan uachdarain mhìltean, agus nan uachdarain cheudan, agus nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear, agus nan luchd-riaghlaidh am measg ur treubhan.


Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.


Agus gan cur nan ceannardan dha fhèin air mhìltean, agus nan ceannardan air lethcheudan, agus a threabhadh a fhearainn, agus a bhuain a fhoghair, agus a dhèanamh innealan-cogaidh air a shon, agus innealan airson a charbad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan