Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 23:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus roinn Daibhidh iad nan roinnean eadar mic Lèbhi, eadhon Gerson, Cohat, agus Merari.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus roinn Daibhidh iad nan roinnean eadar mic Lèbhi, eadhon Gerson, Cohat, agus Merari.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 23:6
18 Iomraidhean Croise  

De na Gersonaich: Laadan agus Simei.


Agus is iad seo roinnean mic Aaroin. Mic Aaroin: Nàdab, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar.


A‑thaobh roinnean nan dorsairean: do na Corhaich, Meselemiah mac Chore, de mhic Asaiph.


Mar an ceudna a‑thaobh roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach, agus a‑thaobh uile obair seirbhis taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile shoithichean-seirbhis ann an taigh an Tighearna.


Mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.


Mic Lèbhi: Gersom, Cohat, agus Merari.


Agus shuidhich Iehoiada luchd-riaghlaidh taigh an Tighearna le làimh nan sagart agus nan Lèbhitheach, a roinn Daibhidh ann an taigh an Tighearna, a‑chum ìobairtean-loisgte an Tighearna ìobradh, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, le gàirdeachas agus le seinn, a rèir òrdagh Dhaibhidh.


Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.


Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt-loisgte, agus airson nan ìobairt-shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna:


Agus dh’ullaicheadh an t‑seirbhis, agus sheas na sagartan nan àite, agus na Lèbhithich nan roinnean, a rèir àithne an rìgh.


Agus deasaichibh sibh fhèin a rèir taigh ur n‑athraichean, a rèir ur roinnean, mar a sgrìobh Daibhidh rìgh Israeil, agus mar a sgrìobh Solamh a mhac;


Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.


Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois.


Agus b’iad seo mic Lèbhi a rèir an ainmean: Gerson, agus Cohat, agus Merari.


Is iad sin ainmean mic Aaroin, na sagartan a dh’ungadh, a choisrig e gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.


Seo an t‑seirbhis a bhios aig mic Chohait, ann am pàillean a’ choitheanail, mu thimcheall nan nithean ro‑naomha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan