Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 2:7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus mic Charmi: Achar, fear-buaireis Israeil, a chiontaich anns an nì mhallaichte,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus mic Charmi: Achar, fear‐buaireis Israeil, a chiontaich anns an nì mhallaichte,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 2:7
10 Iomraidhean Croise  

Agus mic Sherah: Simri, agus Etan, agus Heman, agus Calcol, agus Dara: còignear dhiubh uile.


Agus mic Etain: Asariah.


Mic Iùdah; Phares, Hesron, agus Carmi, agus Hur, agus Sobal.


Agus cha lean ri do làimh-sa a’ bheag den nì mhallaichte; a‑chum gun till an Tighearna o lasair a fheirge, agus gun nochd e tròcair dhut, agus gun dèan e iochd ort, agus gun toir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e dod athraichean;


Cha mhò a bheir thu gràinealachd dod thaigh, air eagal gum bi thu ad nì mallaichte cosmhail ris: ach bheir thu fuath iomlan dha, agus gabhaidh tu gràin dheth gu tur, oir is nì mallaichte e.


Nach do rinn Achan mac Sherah cionta anns an nì mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho-chruinneachadh Israel? Agus cha b’e an duine sin na aonar a bhàsaich na chionta.


Agus sibhse, air gach aon chor gleidhibh sibh fhèin on nì mhallaichte, air eagal gun dèan sibh sibh fhèin mallaichte, nuair a ghabhas sibh den nì mhallaichte, agus gun dèan sibh camp Israeil na mhallachadh, agus gun cuir sibh e fo bhuaireas.


Agus thubhairt Iosua, Carson a chuir thu dragh oirnn? Cuiridh an Tighearna dragh ortsa an‑diugh. Agus chlach clann Israeil uile e le clachan, agus loisg iad le teine iad, an dèidh dhaibh an clachadh le clachan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan