Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 2:4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus rug Tàmar a bhana-chliamhain dha Phares, agus Serah. B’iad uile mhic Iùdah còignear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus rug Tàmar a bhana‑chliamhain dha Phares, agus Serah. B’iad uile mhic Iùdah còignear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 2:4
14 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Iùdah ri Tàmar, bean a mhic, Fan ad bhantraich ann an taigh d’athar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, Air eagal gum faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithrean. Agus dh’fhalbh Tàmar, agus dh’fhan i ann an taigh a h‑athar.


Mic Phareis: Hesron agus Hamul.


Mic Iùdah; Phares, Hesron, agus Carmi, agus Hur, agus Sobal.


Utai mac Amihuid, mhic Omri, mhic Imri, mhic Bhani, de chloinn Phareis mhic Iùdah.


Agus de mhic Sherah; Ieuel, agus am bràithrean, sia ceud agus ceithir-fichead agus a deich.


Agus bha Petaiah mac Mheses-abeeil, de chloinn Sherah mhic Iùdah, aig làimh an rìgh anns gach cùis a‑thaobh an t‑sluaigh.


Agus chòmhnaich ann an Ierusalem de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin: de chloinn Iùdah: Ataiah mac Udsiah, mhic Shechariah, mhic Amariah, mhic Shephatiah, mhic Mahaleleeil, de chloinn Phereis:


O Sherah, teaghlach nan Sarhach: o Shaul, teaghlach nan Saulach.


Agus ghin Iùdas Phares agus Sara o Thamar, agus ghin Phares Esrom, agus ghin Esrom Aram,


Mhic Aminadaibh, mhic Araim, mhic Esroim, mhic Phareis, mhic Iùdah,


Agus bidh do thaigh mar thaigh Phareis (a rug Tàmar do Iùdah), den t‑sliochd a bheir an Tighearna dhut on mhnaoi òig seo.


A‑nis is iad seo ginealaichean Phareis: Ghin Phares Hesron.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan