Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 16:10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Dèanaibh-se uaill na ainm naomh: dèanadh cridhe na muinntir a tha ag iarraidh an Tighearna gàirdeachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Dèanaibh‐se uaill na ainm naomh: dèanadh cridhe na muinntir a tha ag iarraidh an Tighearna gàirdeachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 16:10
16 Iomraidhean Croise  

Iarraibh an Tighearna agus a neart, iarraibh a ghnùis a‑ghnàth.


Seinnibh dhàsan, seinnibh salm dha, labhraibh air a uile obraichean iongantach-san.


A‑nis uime sin socraichibh ur cridhe agus ur n‑anam a dh’iarraidh an Tighearna ur Dia: èiribh-se agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dia, a‑chum gun toir sibh a‑steach àirc coicheangal an Tighearna, agus soithichean naomha Dhè, don taigh a tha ra thogail do ainm an Tighearna.


Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.


Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh.


Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair.


Anns an Tighearna nì m’anam uaill; cluinnidh na daoine sèimhe, agus nì iad aoibhneas.


Molaibh an Tighearna leamsa, agus àrdaicheamaid a ainm le chèile.


Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.


Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta.


Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill.


Agus iarraidh sibh mi, agus gheibh sibh mi, nuair a rannsaicheas sibh air mo shon le ur n‑uile chridhe.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan