Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 13:1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chuir Daibhidh a chomhairle riùsan a bha os cionn mhìltean agus cheud, ris gach uile cheannard.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus chuir Daibhidh a chomhairle riùsan a bha os cionn mhìltean agus cheud, ris gach uile cheannard.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 13:1
12 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnich Daibhidh fhathast an ceann a chèile fir thaghte Israeil uile, deich-mìle-fichead.


Agus chuir an rìgh teachdairean uaithe, agus chruinnich da ionnsaigh uile sheanairean Iùdah, agus Ierusaleim.


Bha iad sin de mhic Ghad nan ceannardan an t‑slòigh: an t‑aon a bu lugha dhiubh os cionn ceud, agus an t‑aon a bu mhò os cionn mìle.


Nuair a bha e a’ dol gu Siclag, chaidh thairis da ionnsaigh de Mhanaseh, Adnah, agus Iosabad, agus Iediael, agus Michael, agus Iosabed, agus Elihu, agus Siltai, cinn-fheadhna nam mìltean a bha de Mhanaseh.


Agus de mhic Isachair, aig an robh aithne air na h‑aimsirean, a thuigsinn ciod a bu chòir do Israel a dhèanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an òrdagh-san.


A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagas dhaibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asail, agus air càmhail, agus air muileidean, agus air daimh, biadh, min, mill fhìgean, agus bagaidean de fhìondhearcan tiormaichte, agus fìon, agus ola, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel.


Agus thubhairt Daibhidh ri uile cho-chruinneachadh Israeil, Ma chìthear iomchaidh dhuibh, agus gur ann on Tighearna ar Dia a tha a’ chùis, cuireamaid fios a‑mach a dh’ionnsaigh ar bràithrean anns gach àite, a dh’fhàgadh ann an uile thìr Israeil, agus maille riùsan a dh’ionnsaigh nan sagart agus nan Lèbhitheach a tha nam bailtean lem fearann co‑roinn, iad gan cruinneachadh fhèin thugainn.


Agus dh’àithn Solamh do Israel uile, do na ceannardan mhìltean agus cheud, agus do na britheamhan, agus do gach uachdaran air Israel uile, cinn nan athraichean.


An sin dh’èirich Heseciah an rìgh gu moch, agus chruinnich e uachdarain a’ bhaile, agus chaidh e suas do thaigh an Tighearna.


Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad.


Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan