Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 12:23 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

23 Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

23 Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh‐san a rèir facal an Tighearna:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 12:23
13 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim.


A‑nis matà dèanaibh e; oir labhair an Tighearna mu Dhaibhidh, ag ràdh, Le làimh mo sheirbhisich Daibhidh saoraidh mi mo shluagh Israel à làimh nam Philisteach, agus à làimh an naimhdean uile.


Agus nach d’fhiosraich e den Tighearna: uime sin mharbh e e, agus thionndaidh e an rìoghachd a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, mac Iese.


Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil.


Mic Iùdah, a ghiùlain sgiath agus sleagh, sia mìle agus ochd ceud, armaichte a‑chum cogaidh.


Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.


Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.


Agus gairm air Iese a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte, agus bheir mise fios dhut ciod a nì thu: agus ungaidh tu dhòmhsa esan a dh’ainmicheas mi dhut.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan