Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Eachdraidh 11:14 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Eachdraidh 11:14
9 Iomraidhean Croise  

Dh’èirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus an do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus thill an sluagh na dhèidh a‑mhàin a dh’fhaobhachadh.


A‑nis bha Nàaman ceannard sluagh rìgh Shiria na dhuine mòr aig a thighearna, agus urramach, a chionn leis-san gun tug an Tighearna saorsa do Shiria: bha e mar an ceudna treun ann an neart, ach bu lobhar e.


Bha esan maille ri Daibhidh ann am Pas-damim, agus an sin bha na Philistich air cruinneachadh an ceann a chèile gu cath; far an robh dail fhearainn làn eòrna; agus theich an sluagh ro na Philistich.


A‑nis chaidh triùir de na deich-ceannardan-fichead sìos don charraig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim.


Is esan a bheir buaidh do rìghrean, a shaoras Daibhidh, a òglach fhèin, on chlaidheamh mhillteach.


Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh agus da shliochd gu bràth.


Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd.


Mar sin shaor an Tighearna Israel air an là sin: agus chaidh an cath thairis gu Bet-abhen.


Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan