Taisbeanadh 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IX CAIB. Na locuist a tighinn a mach as an t-sloc gun ghrunnd: sealladh armailt nan each. 1 Agus sheid an coigeamh aingeal an trombaid; us chunnaic mi reul, a bhʼ air tuiteam bho neamh air an talamh, agus thugadh dha iuchair an t-sluic gun ghrunnd. 2 Us dhʼ fhosgail e sloc an dubh aigeil; us dhʼ eirich smuid an t-sluic mar dheathaich àmhuinne moire; us bha ghrian ʼs an t-athar air an dorchachadh le deathaich an t-sluic. 3 Agus á deathaich an t-sluic thainig locuist a mach air an talamh, us thugadh cumhachd dhaibh, mar tha cumhachd aig sgorpionan an talmhuinn; 4 Us thugadh ordugh dhaibh, nach milleadh iad fiar an talmhuinn, no ni gorm air bith, no craobh air bith: ach a mhain na daoine aig nach robh seul Dhe air clar an aodainn; 5 Us thugadh ordugh dhaibh, gun iad am marbhadh, ach am pianadh coig miosan; agus bha an cràdh mar ghath sgorpioin, nuair a theid e an sàs ann an duine. 6 Us anns na laithean sin iarraidh daoine am bàs, ʼs cha n-fhaigh iad e; agus bithidh toil aca bàsachadh, us teichidh am bàs bhuapa. 7 ʼS bha cruth nan locuist coltach ri eich uidheamaichte gu cath; agus air an cinn mar chrùintean coltach ri òr; ʼs an aodannan mar aodannan dhaoine. 8 ʼS bha am falt mar fhalt bhoirionnach; ʼs bha am fiaclan mar fhiaclan leomhan; 9 ʼS bha uchd-eideadh aca mar uchd-eideadh iaruinn; ʼs bha fuaim an sgiathan mar fhuaim charbad moran each a ruith gu cath; 10 ʼS bha earbuill aca mar sgorpionan, agus gathan ʼnan earbuill; ʼs bʼ e an comas a bhʼ aca, daoine chiurradh ré choig miosan; 11 Agus bha aca thairis orra righ, aingeal an t-sluic gun ghrunnd, dha ʼn ainm san Eabhra Abaddon, an Greigis Apollion, san Laidinn se Ecsterminans ʼainm. 12 Tha aon truaighe seachad, us, seall, tha dà thruaighe ri tighinn an deigh so fhathast. 13 Agus sheid an siathamh aingeal an trombaid; us chuala mi guth bho cheithir adhaircean an altair òir, a tha roimh shuilean Dhe, 14 A g-radh ris an t-siathamh aingeal aig an robh trombaid: Fuasgail na ceithir ainglean, a tha an ceangal anns an abhuinn mhoir Euphrates. 15 Us dhʼ fhuasgladh na ceithir ainglean, a bha deas an coinneamh uaire, us latha, us mios, agus bliadhna, gus an treas cuid de dhaoine a mharbhadh. 16 ʼS bʼ e aireamh armailt a mharc-shluaigh fichead mile uair deich mile. Agus chuala mi an aireamh. 17 Agus mar so chunnaic mi na h-eich ann an sealladh: us aca-san a shuidh orra bha uchd-eideadh de theine, ʼs de hiacinth, ʼs de phronnastul, agus bha cinn nan each mar chinn leomhan, agus as am bial thainig a mach teine, us deathach, us pronnastul. 18 Us leis na tri plaighean sin mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, ʼs leis an deathaich, agus leis a phronnastul, a thaom a mach as am beoil. 19 Oir tha cumhachd nan each ʼnam beoil, ʼs ʼnan earbuill. Oir tha an earbuill coltach ri nathraichean, us cinn aca orra; agus leo sin ciurraidh iad. 20 ʼSa chuid eile de dhaoine nach do mharbhadh leis na plaighean sin, cha do ghabh iad aithreachas á gniomhran an lamh, air chor ʼs nach tugadh iad aoradh do dheomhain, ʼs do dhʼ iodholan òir, us airgid, us pràise, us cloiche, us fiodha, nach eil comasach air faicinn, no cluinntinn, no coiseachd, 21 Cha mhua ghabh iad aithreachas as am muirt, no as an draoitheachdan, no as an striopachas, no as am meirle. |