Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VII. CAIB. Aireamh na feadhnach a chaidh chomharrachadh le seul an De bheo, ʼs eideadh an geal-aodach.

1 An deigh nan nichean so chunnaic mi ceithir ainglean ʼnan seasamh air ceithir oisinnean an talmhuinn, a cumail ceithir gaoithean an talmhuinn, gus nach seideadh iad air an talamh, no air a mhuir, no air craoibh sa bith.

2 Agus chunnaic mi aingeal eile a direadh suas bho eirigh na greine, us comharradh an De bheo aige; agus dhʼeigh e le guth ard ris na ceithir ainglean, dha ʼn tugadh comas an talamh agus a mhuir a ghoirteachadh,

3 A g-radh: Na dochainnibh an talamh, no mhuir, no na craobhan, gus an comharraich sinn seirbhisich ar De air clar an aodainn.

4 Us chuala mi aireamh na feadhnach a chomharraicheadh, ciad, dà-fhichead, ʼs ceithir mile a chomharraicheadh de threibhean uile chlann Israil.

5 De threibh Iuda chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Rubein chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Ghaid chomharraicheadh dà mhile dhiag:

6 De threibh Aseir chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Nephtali chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Mhanasseis chomharraicheadh dà mhile dhiag:

7 De threibh Shimeoin chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Lebhi chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Issachair chomharraicheadh dà mhile dhiag:

8 De threibh Shabuloin chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Ioseiph chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Bheniamin chomharraicheadh dà mhile dhiag.

9 Us chunnaic mi an deigh nan nichean so co-chruinneachadh, nach bʼurrainn do dhuine air bith a chunntadh, de ʼn h-uile cinneach, agus treibh, agus sluagh, agus teanga, ʼnan seasamh air bialaobh na cathrach, ʼs an lathair an Uain, air an eideadh le trusganan geala, agus pailmean ʼnan lamhan;

10 Agus dhʼ eigh iad le guth ard, a g-radh: Slainte dhaʼr Dia-ne, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus doʼn Uan.

11 Agus bha na h-ainglean uile ʼnan seasamh timchioll na cathrach, ʼs nan seanairean, ʼs nan ceithir beothaichean; us thuit iad sios air an aghaidh air bialaobh na cathrach, us thug iad aoradh do Dhia,

12 A g-radh: Amen. Beannachadh, us gloir, us gliocas, us buidheachas, onair agus cumhachd, agus neart dha ʼr Dia fad linn nan linn. Amen.

13 Agus fhreagair a h-aon de na seanairean, us thuirt e rium: Co iadsan a tha air an eideadh an trusganan geala? us co as a thainig iad?

14 Us thuirt mi ris: Mo thighearna, ʼsann agadsa tha fios. Us thuirt e rium: ʼSiad sin iadsan a thainig á trioblaid mhoir, ʼsa nigh an eideadh, ʼsa rinn geal e am fuil an Uain.

15 Uime sin tha iad air bialaobh righ-chathair Dhe, ʼs tha iad ga sheirbhiseachadh ʼna theampull a latha ʼsa dhʼ oidhche; agus esan a tha ʼna shuidhe air a chathair, tamhaidh e thairis orra.

16 ʼS cha bhi acras no pathadh orra tuille, ʼs cha bhual a ghrian orra, no teas sa bith:

17 Oir riaghlaidh an t-Uan a tha am miadhon na cathrach iad, agus treoraichidh e iad gu tobraichean uisge na beatha, agus siabaidh Dia bho ʼn suilean an deoir gu leir.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan