Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VI. CAIB. Na thainig an lorg fosgladh sia dhe na seulaichean.

1 Agus chunnaic mi gun dʼ fhosgail an t-Uan a h-aon de na seachd seulan, us chuala mi fear de na ceithir beothaichean mar ghuth tairneanaich, a g-radh: Thig, agus faic.

2 Agus sheall mi: us faic, each geal; us aige-san, a bha ʼna shuidhe air, bha bogha, agus thugadh crùn dha, agus chaidh e mach a bhuadhachadh los gum buadhaicheadh e.

3 ʼS nuair a dhʼ fhosgail e an darna seul, chuala mi an darna beothach a g-radh: Thig, agus faic.

4 Agus chaidh each eile mach a bha dearg; us thugadh dhasan, a bha ʼna shuidhe air, comas sith a thoirt bharr an talmhuinn, los gum marbhadh iad a cheile, agus thugadh dha claidheamh mor.

5 Us nuair a dhʼ fhosgail e an treas seul, chuala mi an treas beothach, a g-radh: Thig, agus faic. Agus seall each dubh; us aige-san a bha ʼna shuidhe air, bha meidh ʼna laimh.

6 Agus chuala mi mar gum bʼ e guth ann am miadhon nan ceithir beothaichean, a g-radh: Dà phunnd cruithneachd air sgilinn, us tri uairean dà phunnd eorna air sgilinn, agus na dochainn am fion no an ola.

7 Us nuair a dhʼ fhosgail e an ceathramh seul, chuala mi guth a cheathramh beothaich, a g-radh: Thig, agus faic.

8 Agus seall each glas-neulach; ʼs bʼ e ainm-san, a bha air a mhuin, am Bàs, agus bha iutharna ga leantuinn, us thugadh cumhachd dha thairis air ceithir earrannan an talmhuinn, gu marbhadh leis a chlaidheamh, le gorta, ʼs le bàs, ʼs le fiadh-bheathaichean an talmhuinn.

9 Us nuair a dhʼ fhosgaile an coigeamh seul, chunnaic mi fo ʼn altair anmannan na feadhnach, a mharbhadh air son facal De, agus air son an teisteanais a bha aca;

10 Agus dhʼ eigh iad le guth ard, a g-radh: Cia fhad, a Thighearna (a tha naomh agus firinneach) gus an toir thu breth, ʼs an diughail thu ar fuil-ne orrasan a tha tamh air an talamh?

11 Agus thugadh trusgan geal do gach aon aca; us thuirteadh riu, iad a ghabhail foise tacan fhathast, gus an dianteadh suas aireamh an co-sheirbhiseach, ʼs am braithrean, a tha ri ʼm marbhadh ionann ʼs iad fhein.

12 Agus chunnaic mi nuair a dhʼ fhosgail e an siathamh seul: agus, seall, bha crith-thalmhuinn mhor ann, us dhʼ fhàs a ghrian dubh mar shac-aodach gaoisid; ʼs rinneadh a ghealach uile mar fhuil;

13 Us thuit na reultan bhoʼn athar air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhige a fioguisean anabuich, nuair a chrathar i le gaoith mhoir.

14 Agus theich an t-athar air falbh mar leabhar air fhilleadh suas; dhʼ atharraicheadh a h-uile beinn, ʼs na h-eileanan as an aite;

15 Agus dhʼfhalaich righrean an talmhuinn, ʼs na prionnsachan, ʼs na ceannardan, ʼs na daoine beairteach, ʼs na daoine laidir, agus gach daoranach, agus gach fear saor, iad fhein ann an uamhannan, ʼs an creagan nam beann;

16 Agus thuirt iad ris na beanntan, ʼs ris na creagan: Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn bho aodann-sa, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus bho fheirg an Uain:

17 Oir tha latha mor am feirge air tighinn; agus co is urrainn seasamh?

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan