Taisbeanadh 5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875V. CAIB. Fosgladh leabhar nan seachd seul leis an uan, ʼs air son sin fhuair e aoradh agus moladh bhuapa uile. 1 Agus chunnaic mi ʼna laimh dheis-san, a shuidh air a chathair, leabhar air a sgriobhadh a mach ʼsa stigh, ʼs air a sheuladh le seachd seulan. 2 Agus chunnaic mi aingeal treun a g-eigheach le guth ard: Co is airidh air an leabhar fhosgladh, agus air a sheulan fhuasgladh? 3 Agus cha bʼ urrainn do dhʼ aon sa bith air neamh, no air talamh, no fo ʼn talamh an leabhar fhosgladh, no sealltuinn air. 4 Us rinn mi moran guil: a chionn nach robh a h-aon ri fhaighinn, a bʼ airidh air an leabhar fhosgladh, no coimhead air. 5 Us thuirt a h-aon de na seanairean rium: Na guil: seall, bhuadhaich an leomhan de threibh Iuda, friamh Dhài, gus an leabhar fhosgladh, ʼsa sheachd seulan fhuasgladh. 6 Agus seall mi: us fiach ann am miadhon na cathrach ʼs nan ceithir beothaichean, agus am miadhon nan seanairean, Uan ʼna sheasamh, mar gum bʼ ann air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean agus seachd suilean, ʼsiad sin seachd spioraid Dhe, a chuireadh a mach feadh an talmhuinn uile. 7 Agus thainig e, us ghabh e an leabhar á laimh dheis-san, a bha ʼna shuidhe air a chathair. 8 ʼS nuair a dhʼ fhosgail e an leabhar, thuit na ceithir beothaichean, ʼs na ceithir-thar-fhichead sheanairean sios air bialaobh an Uain, ʼs aig gach aon aca clarsaichean, agus cupaichean òir lan de dhʼ fhàile cubhraidh, ʼsiad sin urnaighean nan naomh; 9 Agus sheinn iad laoidh ùr, a g-radh: Is airidh thu, a Thighearna, air an leabhar fhaighinn, ʼs air a sheulan fhosgladh: a chionn gun do mharbhadh thu, ʼs gun do cheannaich thu sinn do Dhia le dʼ fhuil as a h-uile treibh, agus teangaidh, agus sluagh, agas cinneadh; 10 Us rinn thu rioghachd agus sagairt dhinn dhaʼr Dia: us righichidh sinn air talamh. 11 Agus chunnaic mi, us chuala mi guth moran aingeal mun cuairt do ʼn chathair, ʼs do na beothaichean, ʼs do na seanairean, agus bʼ e an aireamh miltean de mhiltean, 12 A g-radh le guth ard: Is airidh an t-Uan, a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus diadhachd, agus gliocas, agus neart, agus onair, agus gloir, agus beannachadh fhaighinn. 13 Agus chuala mi a h-uile creutair, a tha air neamh, ʼsa tha air talamh, agus fo ʼn talamh, us iadsan a tha sa mhuir, ʼsa mhiad ʼsa tha innte, a g-radh uile: Dhasan a tha ʼna shuidhe air a chathair, ʼs do ʼn Uan, gun robh beannachadh, us onair, us gioir, agus cumhachd a chaoidh nan caoidhean. 14 Agus thuirt na ceithir beothaichean: Amen. Agus thuit na ceithir-thar-fhichead sheanairean sios air an aghaidh, ʼs thug iad aoradh dhasan a tha beo fad shaoghal nan saoghal. |